Northwords Now Issue 40

The FREE literary magazine of the North

Cèilidhean Mòra

by Eòghan Stiùbhart

Linne Shlèite aon mhadainn Chèitein
a’ ghrian ùr aig deireadh bliadhna
iomadh earrach a chunna mi an sealladh
’s mi ag èirigh às dèidh na cèilidh
samhail na h-oidhche roimhe nam cheann
na beanntan air fàire ’s an impis falbh
a’ siubhal na tìde ann an sìth na maidne
gach leòn slàn ’s a’ seòladh dhachaigh
gu fasgadh a thogadh aig an t-sabhal
a’ chiad gheamhradh sin an glac an teangaidh
a chuir mi eòlas air blàths do bheòil
’s gach sian a thàinig leats’ on iar
ceò a dh’fhalaich Cnòideart, solas a las Mùideart
a h-uile là na ràith fa leth a’ sìor-atharrachadh
o chràdh na ghaillean gu gràdh mar fhalaisg
agus dealachadh ceangailte balbh na bhun
mus tug mi dhut an litir a bha nam dhòrn
làn fhaclan o choille fhad às a dh’fhuasgail
na deòir a thuit mar uisge sa cheann an ear
’s a thug blàthan samhraidh ar càirdeas beò