Northwords Now Issue 40

The FREE literary magazine of the North

Diefenbaker

by Fearghas MacFhionnlaigh

Usgar-braghad rùbaidhean. Sin an coltas a bh’ air. Bha a shùil air na boinneagan deàrrsach a bha a’ nochdadh mar fhallas fàidheanta air a’ chreig as fhaisge. Mean air mhean leagh iad ri chèile ann an comaran a shil a-nuas mar deòir tiamhaidh air gruaidh na creige luime. Rinneadh lòn beag sgàthanach air an talamh chruaidh. Chuir seo thairis na bheag-shileadh ùr a lean air gu ruige bile sgoltaidh dhomhain far na thuit e a-mach à sealladh, na eas caol gleansach a’ tilleadh dhan dìomhaireachd dho-thomhas às na dh’èirich i. Thàinig earrann dha inntinn —

“Ciod an tairbhe a tha ann am fhuil, nuair a thèid mi sìos don t‑sloc? Am mol an ùir thu? An cuir i an cèill d’fhìrinn? Eisd rium, a Thighearna, agus dèan tròcair orm. A Thighearna, bi‑sa ad fhear‐cuideachaidh leam...”

Taobh thall an sgoltaidh bha mar gum biodh tràigh neo-chrìochnach gun mhuir. Bha esan fhèin far na chaidh a leagail, air planaid neo-aithnichte, a shùilean caogach pianmhar a’ sìor rannsachadh fhathast, mar chuairtiche-cladaich leònte ri uchd a’ bhàis am measg treathlaich-mara a chuid dhòchasan gun stà.

Athchuimhne. Diefenbaker. Postair poilitigeach air post-lampa ann an Torònto. Esan na bhalach òg ga ghiùlan air druim athar air cabhsair dùmhail. Duin’-eigin a’ priobadh ris gu càirdeil san dol seachad.

Lorg a theanga phàiteach an tiùba caol a bha stobadh an àirde às a chulaidh-fànais. Dheothail e aon srùbag deireannach dhen bhainne mhilis mar gum biodh bho chìch chofhurtail mhàthaireil na Talmhainn ud a bha e air a bhith ag ionndrainn cho fada. Dhùin e a shùilean gointeach ann an laigse.

Cò leis na bilean blàtha cùbhraidh ud a bha toirt pòg dha bhathais? Cò leis na làmhan coibhneil a bha sgioblachadh na plaide fo a chluais, los a chràdh bhàsmhor a mhùchadh?

A chlisge thill a mhothachadh dha. Am broinn sloc-coilich luing-fhànais-cogaidh a bha e, a’ bladhmadh tro cheò dearg air lethcheann...cò leis?...lethcheann... a cho-phaidhleit...Clara Jane! Brèagha. Cho brèagha ri beatha. Ach an sin air a gruaidh àrd cumadail bha sracadh dearg a’ sileadh boinneagan fala air a broilleach.