Northwords Now Issue 40

The FREE literary magazine of the North

Do Phîhtokahanapiwiyin Poundmaker on Chinneach Ghàidhealach an Albainn Nuaidh

by Lodaidh Macfhiongain

Bu ro cheart a bhiodh e na’ faigheadh tu aithneachadh
Fireanachadh airson na h-uileadh a chaidh fhulaing
Uair air a’ Phràiridh, treun, uasal, saor
Ceannsaichte ’ro chealg
Le cridheachan ceacharra

Fairichidh sinn na h-aona faireachdainnean
A dh’fhairicheas do threubh
Ana-cheartas, irisleachadh, breisleach
Nuair a ghoideas coimhich brìgh do sgeòil

Chaill sinn mar a chaill sibh-se
Ach ’ro thrèigsinneachd ar ceannardan
Treòraichean air an robh e air a dhèanadh
A bhi a’ gabhail ri dòighean nan ceannsaichean
An cànan, an cultar agus an nithean-tàlaidh

An dà, chan urrainn dhuinn na ceannardan o shean againn ath-bhuannachadh
Ged a nì sinn sìth leò far am faigh iad easbaloid

Ach nì sinn dannsa cruinn còmhla ribh, làmh a chèile
Is cruthachaidh sinn ceannardan ùa às ar cinneach sgairteil às ùine bhig
Is gabhaidh sinn òran leibh am fonn ag èibheachd air Cailleach na Cruinne
A dh’altramaicheas sinn slàn, fallain, ath-bheothaichte
Nar fìor nàisean às ùr.