Northwords Now Issue 40

The FREE literary magazine of the North

Eadar na Beàrnan

by Deborah Moffatt

Àm a bh’ ann anns an robh an taigh seo
làn daoine, a latha ’s a dh’oidhche,
làn còmhraidh ’s ciùil,
’s bhithinn ag èisteachd ris an t-sàmhchair
eadar gach facal, a’ feitheamh ris
na beàrnan beaga
eadar na ceistean ’s na freagairtean,
a’ faicinn an doille eadar an sùil
’s an cridhe miannach,  
’s fairichinn an ceòl mar dhriùchdan mìn
air m’ aodann, ’s bheirinn mi greim
air gach nì nach robh ann –
an t-sàmhchair ’s na beàrnan,
an doille ’s am miann,
na driùchdan binn,
’s a-mach leotha aig briseadh an latha,
far am bithinn a’ togail mo dhàin
ann an solas blàth na maidne.