Northwords Now Issue 40

The FREE literary magazine of the North

Joker

by Fearghas MacFhionnlaigh

Joaquin Phoenix gu tur buadhmhor,
an Seòcair san fheòil fa ar comhair,
fon daorach le saicòsas an uilc,
plìonas mòr deargte air a ghnùis.
Mar Apolion a’ dol fodha san lioft
gus an daosgar-shluagh a lèirsgrios.
Na dhian-lasair eireachdail phurpaidh
a’ teàrnadh staidhre iutharna Dhante.

Le cineamateòlas fìor bharraichte
siod e a’ tarraing ceò air toitean,
a’ dannsadh le breaban do-chreidsinn
gu glòrmhor a-nuas na ceumannan
gu ruige trèana fo-thalamh a’ bhàis
mar bhàt’-aiseig damainte an Stucs,
gu aiseirigh air bonaid càr mhillte
sa Bhaile Mhòr creachte le gràisg.

Am Fear-Fèinigs ag èirigh on luaithre,
ach tha sgiathan eile cuideachd a’ dùsgadh
air druim balaich a’ caoineadh san duibhre
far an deach a phàrantan dìreach a mhurt
le fear-gunna le aghaidh-coimhich thuaisteir.
Batman air ùr-bhreith ’s a sgiathan ialtaige
gan sgaoileadh gus ar n-iadhadh le truas
air beulaibh taigh-dhealbh mar uaimh seunta.