Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Peallag

by Eòghan Stiùbhart

Shìos ris an abhainn
chunnaic mi an-dè i
Peallag bhochd
le leadan salach
coltas a’ phris air
ceann gun chìreadh
’s i gun mhothachadh
air steall an earraich
a’ ruith seachad oirre
’s i a’ brunndail rithe fèin

Nan robh an sruth na sgàthan
cha dhèanadh i càil dheth
’s coma leatha an saoghal
’s coma leis an t-saoghal i
aonragan truagh
am meadhan a’ bhaile
na daoine sìthe
cuide rinn fhathast
ach ’s sinne nach eil
airson am faicinn.

*Bha Peallag na h-aonarag, ban-sìth a bhiodh a’ fuireach leatha fhèin fad air falbh o dhuine, bha i aithnichte airson coltas robach, tana agus falt salach, troimh-a-chèile. Ged a bhiodh i ri lorg ri taobh lochan glè thric, bhathar ag ràdh nach biodh i uair sam bith a’ coimhead air a faileas-aodainn san uisge.

The Board and Editor of Northwords Now acknowledge support from Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media