Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Trì Chuideim

by Lodaidh Macfhiongain

Mionaidean tostach a mhaireas fad beatha
Is an fhadachd is an gaol is an spèis nan làthair
Daonnan a’ beò-ghlacadh

Thèid an gabhail riutha coltach ri beusan nàireach
ga do chur fo thàmailt ann an doimhneachd
Far am beachdnaichear nach eil dol às

Ach thàinig leasachadh thron t-soilleireachadh
Gur e a bhith a’ gabhail riutha
Gun bhreitheanas an rathad airson an aotromachadh

Is na trì chuideim a tha seo
A’ fleòdradh air cuan brèagha fiadhaich luasganach
Na thaomadh agus shruthadh gun crìch

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media