Northwords Now Issue 40

The FREE literary magazine of the North

Uisgeachan Cealgaireach

by Deborah Moffatt

Bhàsaich e anns an fhàsach Chanadach
’s dh’fhàgadh a chorp air an talamh reòite
ri taobh Loch Marjorie, uisgeachan cealgaireach
an locha a’ deàrrsadh mar airgead-beò, canù cuirte
os cionn a’ mharbhain gus nach itheadh
na madaidhean-allaidh e.

Nuair a ràinig an naidheachd an taighe
dh’fhalbh a’ bhanntrach òg dhan bhaile,
feuch an teicheadh i o uaigneas a’ ghlinne,
a fàinne-phòsta òir a’ lasachadh air a meòir,
an daoimean prìseil a’ gliostradh gu fann
le deàlradh fuadain faoin.

Bha an naidheachd air sgaoileadh
air feadh a’ bhaile, ’s bha a càirdean còir
a’ gabhail truais mhòr rithe, deòir nan sùilean,
ach chan fhaca i anns gach sùil ach faileas locha
iomallach dorcha, ‘s uisgeachan cealgaireach
a h-uaigneis fhèin.