Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Beinn Eadarra

by Alasdair Caimbeul

A Cheòlraidh chreagach, ghuaineach
Triallaidh mi bho bhàrr do ghuailne,
Mar fhaoilinn na linne sgaoilte
Beiridh mi air fead na gaoithe.

Shìos ri taobh na mara
Dòrnagan ri suail a’ chala:
Brògaig, A’ Ghlais Pheighinn, An Dìg
Mol daonna eadar tuinn is tìr.

Bhoiltir, An Crògan, Grianan
Cuithraing a’ sìneadh fhreumhan;
Àrsaidh ’s uaignidh is i nar bruadar
’S i buachaille gaoil is fuatha dhuinn.

’S ann à sin a thàinig m’ iteagan, mo chòta coimheach, slìom
Sgiathan a shiùbhlas thar eadraiginn, thar chladaichean gu Dubh Àird tìm’.

Mu dheas an dùthaich na h-iolaire chithear aogas an t-saoidh
Air slèibhtean na Beinn Shianta ’s murchain na h-Àird ga chaoidh.

Feannagan dubha a’ rannsachadh na rainich ruaidh gu mall,
A’ tomhas cruth na tìre mu chladach Rubha nan Gall.

Air spiris os cionn a’ bhàigh, ann am baile tuath na Dreòlainn,
Sùil ris an tobar, ’s fìor-uisge an naoimh ri òl ann.

Uair is uair tha pòr ann a chasgadh saorsa is ceòl ann,
A dhèanadh tàir air ruidhle na fiughair, air gach smaoin a thig fo sheòl.

Searrag Mhoire ’s i meirgeach, a h-adhradh am beul na mairbhe,
Boinne shoilleir lainnireach a’ sileadh far oir na foirfeachd.

Taighean dathte, maiseach, grinn mar bhogha-frois daingeann crèadha,
A’ cuairteachadh nam bruadaran gu tric a tha buaireadh sìthe.
’S ann an sin a fhuair mi treòrachadh, m’ ionnsachadh bòidheach òg,
Eòlas air a’ ghàire, agus eòlas air a’ phòig.

Gaoth fhionnar bhon iar-thuath
Gam iomairt thar nam fuar-bheann,
Sùil is dùil ris na h-àirdean
A’ cur cùl ri dlùth chàirdean.

Gu deas, gu deas, gu deas nam dheann
Air tòir oilean eirmseach nan sonn.
Thig eòlas bho shaothair eagnaidh, ghleust’,
A bheir tuigse dhuinn às aonais lèirs.

Os cionn nan sràidean cumhang, lom
’S an ceò ag èirigh gu mùgach fann,
Chithear aonarain nan dròbhan shìos
Gun stiùir, gun treòir air faontradh gu fìor.

A’ gearradh tro speuran gruamach, glas
Thar mara de dh’aodainn choma, chas;
’S iad a’ sireadh co-chomann a’ ghaoil
Ann am baile mòr an t-saoghail.

Am measg an t-sluaigh dhlùth-dhùmhail
Tha bodach beag na mall-shùla,
Le còta donn ’s ad air a cheann
A’ breith air làimh a leannain ann.

’S ann an sin a thàinig mi gu ìre, nam allabanach gun iùl rùnaich.
Air sgèith a-rithist a’ siubhal, a’ lorg creag an cuan sìor mhùthaidh.

Thar choilltean biorach uaine is bheanntan corrach àrda
Gu dùthaich nam fear treuna a sheasadh ri gach gàbhadh.

Dùthchas nan Leathannach, sìol dìleas na h-Alba;
Eilean nan iasgairean, nam bailtean trèigte balbha.

Eòghainn a’ Chinn Bhig is Ailean nan Sop
Gun urram no eagal romhpa, a’ cagar fon chop.

Eilean m’ òige, nam eilthireach a’ tilleadh ann
Eilean nam mòr-ghleann a bheireadh brìgh dham rann.

Gun tròcair tha iolaire aig astar os mo chionn,
Gun sùim air an fhaoilinn caillte eadar dà lionn.

Ga fhàgail, nam steall bras thar sàl na mara
Suas caolas far am bu dual long-ràmhach an daraich.

’S ann à sin a thàinig mi gu tìr thorrach nan eun dàna,
Gu rubha nan ceud òran, gu rubha nan ceud fàire.

’S ann mu chladach cruaidh nan Corra-ghritheach
A laigh mo shùil air cuspair ro sgiamhach
A dh’fhàg mi nam thàmh is air thuaiream
Ag òl mo leòr à bun-allt nam fuaran.

Air uspaig chiùil is cainnt gheanail a’ chridhe
Dh’fhalbhainn thar chaolais a shanas rithe
Aon phòg bho a beul no facal còir
Cha robh san àile a chumainn bhon tòir.

Am fianais dhaingnich throm bhaidealaich
Ceum bragail, bras ri leòm-spaidsearachd
Le geàrr-leum suas a’ sgoltadh speuran
A’ cur astar eadar mi fhìn is an clamhan, mo lèireadh.

’S ann an sin a chaidh gealach-ghaoil is grian-cheist nan aonadh
Geilt mo chridhe is buan-mhaise an t-saoghail mu dheireadh fo aonta.

Boillsgeadh uaine air muir ghorm-ghlas
Stuaghan, nan leumadairean a’ dol seachad nam fras.

Craobhan nan caismeachd bhagaideach, bhaganta, dhàn
Mar bhrat ioma-fhreumhach is am miann a bhith slàn.

Fa chomhair na linne drithleannaich
Rè na ràithe torraich, smeuranaich
Bha caorann lasrach ar gaoil fo bhlàth
Dearg agus dian anns gach tràth.

Eadar muir is fonn lorgadh gràdh
Acarsaid a nì dìon oirnn bho chràdh:
Gaoth rapach a dh’èireas air feadh fìrinn is bhreug
A sgiùrsas am fearann, gach allt agus leathad.

Dùbhlanach, is neo-ghealtach thog sinn àl bho ar cridhe
Foghainteach ar n-oidhirp air oir cuan nan deur.

Dòchasach, glan, neo-theagmhach falbhaidh iad air sgèith
Air turas na faoilinn thar linntean air tòir cala rèidh.

Air fàire, tha tìm na grèin eadar ciaradh is camhanach
Ar cuairt fo a solas a’ bristeadh chrìochan neo-mhaireannach.

Air spiurachas, air bhàrr Beinn Eadarra
Nì sinn ùrnaigh an ainm ar co-chreutairean.
Gu slàn, sòlasach gum falbh gach eun
Air turas soirbh air feadh cruinne neo-chrìon.

A’ tilleadh gu làrach uaignidh mo chiad shìl
Crom fo ùmhlachd is eòlas is dìol
Oiteag neo-thalmhaidh air feadh m’ iteagan
Gathan na grèine le ceist anns gach drithleann.

Èiridh mi bho bhàrr na tobhta
A’ fàgail clach, is fiodh is sgrathan lobhta.
Cha dèan mi faoighe tuilleadh air an starsaich,
Nì mi siubhal, ach cuimhnichidh mi air a maiseachd.

A Cheòlraidh chreagach, ghuaineach
Triallaidh mi bho bhàrr do ghuailne,
Mar fhaoilinn na linne sgaoilte
Beiridh mi air fead na gaoithe.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media