Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Pathadh mo Dhunach

by Màrtainn Mac an t-Saoir

During WW1 the women of Preston served a free buffet at the railway station to over three million soldiers and sailors travelling to and from the front. This simple act of human kindness incites this soldier to unleash much-internalised torment – irrationally, but perhaps understandably.

Chan fhàg e mi sìtheil
le mìodachd ar n-ìobairt
cha leig e beul-bruidhinn leam an-dràsta
Is ged thig gach bean fhialaidh
le tì is am blàth-bhriathran
cha chuir mise deur dhith fom chàirean.

Tha am pathadh gam thiacadh.
Cha cheadaich e ciall dhomh
Tart e gun rian ann am Preston.

Cha slànaich an coibhneas
an t-àmhghar is gach oillteas
a chunnaic is a chì mi sna blàraibh
cuirp shalach gun saltairt
glaodh cràidhteach am pailteas
Shluig mi an sgreuch ud aig àirde.

Mo chompanaich dhìleas
gan sprèadhadh nam mìltean
chan òl mi le saors’ an deoch-slàinte
cha toir mi dhaibh briosgaid
air at bhuam mar niosgaid
’s ann thacadh e a-rithist iad nam làthair.

Is cha ghabh mi dhaibh drùbhag
gun fhios nach b’e an ciùrradh
puinnsean olc aognaidh an ath-bhàis
is nuair a chluinneas mi a’ Bheurla
a tha tiugh, cruaidh ach reusant’
Is beuglaid an deamhain i nam chnàmhan.
 
Is nuair thogas iad sìos mi
air falbh mar gu prìosan
cha suidh mi is cha seas mi dhaibh làidir
tha crith ann am fheòil-sa
bhom cheann chun nam meòirean
tha gonadh mo lèirsinn ‘s mo nàdair.

Is nuair ghabhas i mo chròg-sa
nighean shuairce mo shòlais
’s ann a mhaoidheas mi oirre sa Ghàidhlig;
Taigh na Gall’ ort a ghruagach
cha togar dhìom gruaimean
oir is tusa chuir às dha mo bhràthair.

Air do làmhan mìn beusail
Tha fuil is leannraich a chreuchdan
Is cha diù leam do shnuadh no do ghàire
Oir is murtair do shùilean agus biodag do shiùcar
Is cha mhilsear leotha unns’ dhe mo chàil-sa.

Tha am pathadh gam thiacadh.
Cha cheadaich e ciall dhomh
Tart e gun rian ann am Preston.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media