Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Cumha na Cloinne-Nighean

by Deborah Moffatt

Latha blàth samhraidh,
na bà ’s na laoigh ag ionaltradh
air an fheurach,
na caoraich sgapte thar na leargainn,
nighneag chiara
caillte ann an saoghal aice fhèin,
eadar solas na grèine
’s dorchadas dubh a h-aigne,
falaichte fo dhìon
geugan biorach nan sgitheach,
air crith leis an eagal
’s i ùr tighinn bho thìr fhad às,

clann-nighean a’ bhaile air a tòir,
clachan san làmhan aca,
fuath nan sùilean gorma garbha,
prasgan nigheanan
borba, an-iochdmhor, nàimhdeil,
bana-ghaisgich na tìre
a’ ruagadh nan coigreach ’s nan lag
a-mach às an àite,
’s na balaich leisg gan leigeil seachad
gus tig an latha
a bhios tighearnas aca fhèin    
air na mhnathan uile.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media