Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Is Mis’ An Rathad Mòr

by Fearghas MacFhionnlaigh

‘I Am The Highway’ - Chris Cornell, Audioslave

Neamhnaidean ’s mucan cuidhteas mi.
Fad is cianail mo thriall air bhith.
Bha mi caillt’ anns na bailtean, leam fhìn anns na cnuic.
Gun truas gam fàgail, caoidh idir nam chridh’.

Chan e mis’ do rothan luatha – is mis’ an rathad mòr.
Chan e mis’ do bhrat air sgiath –  is mis’ an speur.

Càirdean ’s breugairean, na bi feitheamh riums’.
Nì mi a’ chùis nam shlighe fhìn.
Chuir mi milleanan de mhìltean mar-thà fo mo shàil,
Ach fada ro fhaisg riut tha mi faireachdainn fhathast.

Chan e mis’ do rothan luatha – is mis’ an rathad mòr.
Chan e mis’ do bhrat air sgiath – is mis’ an speur.
Chan e mis’ do ghaoth a shèideas – is mis’ an dealan.
Chan e mis’ do ghealach fhoghair – is mis’ an oidhch’.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media