Bàs
by Liam Alastair Crouse

“A bheil sin goirt?”
Dh’fhaighnich an dotair,
’s e stobadh prìn innte.
“Tha!”
“Hmm...”
’s e ga chnuasachadh fhèin;
“Tha sin inntinneach.
Inntinneach.
Gabhaidh mi nòta air a’ sin,”
’s e ga ràdh gu socair ris fhèin.
“Agus dè ma dh’fhosglas mi sin?”
esan le lanns na lot.
“Thà!”
“Hmm,” ’s e ga shaoilsinn fhèin,
“Tha sin dha-rìreabh inntinneach.
Sgrìobhaidh mi sìos sin.”
Choimhead an t-euslainteach
dòrainneach doilgheasach,
cràdh na feadh,
air an dotair.
“Agus gu dè an leighis a mholadh tu?”
“Leighis? Leighis!
Nach eil fhios -
tha leighis air gach càs,
ach chan eil leighis air a’ bhàs.”
Bàrdachd Thraidiseanta | |
---|---|
An turas seo tha Maighread Stiùbhart, à Leòdhas, a’ toirt shùil gheur air cùisean anns na Stàitean is san Ugràin, agus Liam Alastair Crouse, às an Eilean Fada ann an Stàit Eabhraig Nuaidh, a’ cumail beagan aotramachd rinn, aig cridhe coimhearsnachd Uibhist a Deas. | |
Bàs | Poem by Liam Alastair Crouse |
Laoidh an Amadain Mhòir | Poem by Maighread Stiùbhart |