Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Laoidh an Amadain Mhòir

by Maighread Stiùbhart

Às dèidh mar a thachair don Cheann Suidhe, 
Volodymyr Oleksandrovych Zelensky, 
anns an Taigh Gheal, Washington DC, 
air Seachdain na Gàidhlig, a’ chiad là den Mhàirt, 2025

Là do bhi An t-Amadan Mòr ,
An seòmar ughach an taigh-ghil’,
Chunnacas a’ tighinn an curaidh òg,
Chùm tràchdadh casg air ionnsaigh Ruis’.

Seach tairgsinn mòr chobhair dò,  
An t-amadan, don laoch òg, thuirt, 
“Càit’ a bheil do dheis, ghrinn, ùr
Gus nochdadh urram, dhòmhs’, an seo?”

Fhreagair sin an t-òglach tapaidh,
“’S neònach leam do bhriathran faoin,
Cleachdaidh mis’, gu deònach, culaidh, 
Nuair a bhios mo dhùthaich saor”.  

Sin labhair, le guth àrd, Am Pluicean ,
’S dh’fhaighneachd e don churaidh òg
“Don Amadan, an tug thu taing,
Neo buidheachas a shealltainn dò”?

“Bhuamsa fhuair sibh taing is spèis,
Ach! ri mo ghlaodh cha d’ thug sibh èist,             
Ged ’s math ur n-airgead is ur n-òr, 
B’ e sìth, ceann uidhe ’s fàth mo lò ”.

An t-Amadan Mòr - Dòmhnall Iain Trump
Am Pluicean - Seumas Dàibhidh Vance


Bàrdachd Thraidiseanta

An turas seo tha Maighread Stiùbhart, à Leòdhas, a’ toirt shùil gheur air cùisean anns na Stàitean is san Ugràin, agus Liam Alastair Crouse, às an Eilean Fada ann an Stàit Eabhraig Nuaidh, a’ cumail beagan aotramachd rinn, aig cridhe coimhearsnachd Uibhist a Deas.

BàsPoem by Liam Alastair Crouse
Laoidh an Amadain MhòirPoem by Maighread Stiùbhart

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media