Dùrachdan san Dorchadas
by Ceitidh Chaimbeul
dha bràthair mo sheanair,
An t-Urr. Canan Aeneas Mac an Tòisich 1927-1998
An saoghal na bhaoghal, naidheachdan làn sgeulachdan
le fìrinn chlaon, bàs cha mhòr cinnteach.
Beantainn, anail, fuil
fathannan eagalach is breugan
bha tuilleadh co-fhaireachdainn do lobharan is strìopaich.
Thuirt iad gum bu pheaca e, ach cha robh ann ach aineolas.
Cha do mhothaich duine dithis a’ dol a-steach air sheòl eile
airson beannachd os-ìosal air dàimh gun aithne
is anns an dorchadas, ministear làn le caomh-thròcairean.
Chuir solas-sràide bogha-frois tron ghlainne-dhathte
a’ dearbhadh nach biodh AIDS na pheannsachadh.
Thar gach subhailc gu lèir chuir esan gràdh –
an nì a tha na cheangal coilentais.
| Àilleagan na Gàdhlig | |
|---|---|
Celebrating Emergent Female and Transfeminine Voices in Gaelic Poetry | |
| Againne | Poem by Victoria NicÌomhair |
| Air a’ Chladach | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
| An Rìgh-chathair a tha nam Chridhe | Poem by Mia Suhaimi |
| Balaich | Poem by Victoria NicÌomhair |
| Bhithinn air Dol gu Eilean a’ Cheò | Poem by Mia Suhaimi |
| Clobhsa Mhargaidh an Fheòla | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
| Dùrachdan san Dorchadas | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
| Fras-fhuilt | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
| Leabharlann | Poem by Victoria NicÌomhair |
| Leug Àlainn, Leug Gaoil | Poem by Mia Suhaimi |
| Mo Ghaol air Mullach Clach na Mara | Poem by Mia Suhaimi |
| Trom | Poem by Victoria NicÌomhair |