Fras-fhuilt
by Ceitidh Chaimbeul
Bha a falt an-còmhnaidh geal, mar leòmagan,
gach gaisean snaidhte am bachlagan beaga
leis an t-seampù is seata a fhuair i gach ceala-deug.
Gan cumail mion an lìon-fhuilt is rolairean
is na cùlain air an cuairteachadh le gleò
bhon chana àrd òir ri a taobh, anns a’ chabaig,
a’ choinnleag bhon dealt ga cruinneachadh uimpe
an riomball meomhairean òige –
àile làn de dh’fhallas is toitean stòlta,
glàmar seargaichte làr-dhannsa structe.
| Àilleagan na Gàdhlig | |
|---|---|
Celebrating Emergent Female and Transfeminine Voices in Gaelic Poetry | |
| Againne | Poem by Victoria NicÌomhair |
| Air a’ Chladach | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
| An Rìgh-chathair a tha nam Chridhe | Poem by Mia Suhaimi |
| Balaich | Poem by Victoria NicÌomhair |
| Bhithinn air Dol gu Eilean a’ Cheò | Poem by Mia Suhaimi |
| Clobhsa Mhargaidh an Fheòla | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
| Dùrachdan san Dorchadas | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
| Fras-fhuilt | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
| Leabharlann | Poem by Victoria NicÌomhair |
| Leug Àlainn, Leug Gaoil | Poem by Mia Suhaimi |
| Mo Ghaol air Mullach Clach na Mara | Poem by Mia Suhaimi |
| Trom | Poem by Victoria NicÌomhair |