Glainne-mhara
by Marcas Mac an Tuairneir
Glainne-mhara
Ghuidhinn Hiort orra,
nan aithnicheadh an t-slighe,
’s iad uair eile a’ togail
ceist air puist-seòlaidh
A bhios nan iùilean dhuinn
trast loidhnichean-rèisg
na rìoghachd
a cho-aonaich ar fine.
Tha gach clàr dhiubh na ciste
de dhùthchas gun phrìs,
ga ghlèidheadh eadar
lidean ’s fuaimean,
na sìontan leis an do cho-rinneadh
ar dealbh-tìre
Agus ’s leinne e.
’S iad a thàinig is a thraogh
le uisgeachan Earra-Ghàidheil:
tràighte mar ghlainne-mhara,
trìd-dhoilleir is bleithte
leis an làn.
Gloine Mhara
Ghuífinn turas go tigh an Diabhail orthu,
dá mbeadh an tslí ar eolas acu
agus iad, arís eile, ag ardú ceiste
faoi chomharthaí bóthair
A bhíonn dár dtreoiriú
fíorsceabhach thar chosáin sí
na ríochta
a d'aontaigh ár gcine.
Gach clár acu is ciste
de dhúchas ríluachmhar,
caomhnaithe idir
siollaí ’gus friotail,
na giotaí as a deineadh
ár dtaobh dtíre
Agus is linne é.
Líon siad is thráigh siad
le huiscí Earraghael:
luíonn siad mar ghloine mhara,
teimhneach is creimthe
ag an taoide.
Marcas Mac an Tuairneir
Aistrithe le Simon Ó Faoláin
Glainne-mhara / Gloinne na Mara | |
---|---|
Ann an Samhainn 2024, fhuair ceathrar bhàrd fiathachadh cuirm a dhèanamh aig IMRAM – Fèis Litreachas na Gàidhlig Èireannaich fo stiùir Liam Carson – ann an Baile Àtha Cliath. Le taic CholmChille chaidh dàin le Meg Bateman, Marcas Mac an Tuairneir, Pàdraig MacAoidh is Deborah Mofatt eadar-theangachadh le Paddy Bushe is Simon Ó Faoláin. Aig tachartas beòthail ann an Amharclann Sacabhat Smock, faisg air Barra an Teampaill, chualas cuideachd ceòl air a chumail ri cuid den bhàrdachd, air a sheinn le Colm Ó Snodaigh (Kíla). Tha e na urram dhuinn ceithir dàin bhon phròiseact a nochdadh ro leughadairean Northwords Now – a’ bhàrdachd Ghàidhlig ga faicinn uair eile an clò, agus dreachan Gàidhlig na h-Èireann airson na ciad uarach. | |
Cailín ag Rith | Poem by Meg Bateman |
Glainne-mhara | Poem by Marcas Mac an Tuairneir |
Nighean na Ruith | Poem by Meg Bateman |
Rèite | Poem by Deborah Moffatt |
Thumbs Up | Poem by Pàdraig Macaoidh |