Nighean na Ruith
by Meg Bateman
Chunnaic mi nad ruith thu,
d’ aodann fliuch a’ deàlradh mar dhaoimean,
d’ fhigheachan a’ sruthadh a-mach mar earball.
Dh’innis thu gur toil leat falbh a dh’àiteachan brèagha
gus ruith agus cànainean aosta ionnsachadh.
‘Fiù ’s san uisge?’ dh’fhaighnich mi.
‘Gu sònraichte san uisge’, fhreagair thu,
is chaidh thu nad dhàn nam inntinn,
nad eilid thais ghràsmhor fhurachail.
Sa mhadainn an-diugh, air dhomh bhith crùbte
aig a’ choimpiutair fad na seachdain,
thog mi fhìn rathad a’ bhàigh orm,
nam throtan gu cachaileith a’ bhaile,
dh’fhairich mi crodh is mìlse roid is seamraig,
chuala mi monmhar is plubadaich nan allt,
’s ged a bha an nigheadaireachd a-muigh agam
b’ fheàrr leam gun sileadh e
ach am faighinn blas na h-uile.
Glainne-mhara / Gloinne na Mara | |
---|---|
Ann an Samhainn 2024, fhuair ceathrar bhàrd fiathachadh cuirm a dhèanamh aig IMRAM – Fèis Litreachas na Gàidhlig Èireannaich fo stiùir Liam Carson – ann an Baile Àtha Cliath. Le taic CholmChille chaidh dàin le Meg Bateman, Marcas Mac an Tuairneir, Pàdraig MacAoidh is Deborah Mofatt eadar-theangachadh le Paddy Bushe is Simon Ó Faoláin. Aig tachartas beòthail ann an Amharclann Sacabhat Smock, faisg air Barra an Teampaill, chualas cuideachd ceòl air a chumail ri cuid den bhàrdachd, air a sheinn le Colm Ó Snodaigh (Kíla). Tha e na urram dhuinn ceithir dàin bhon phròiseact a nochdadh ro leughadairean Northwords Now – a’ bhàrdachd Ghàidhlig ga faicinn uair eile an clò, agus dreachan Gàidhlig na h-Èireann airson na ciad uarach. | |
Cailín ag Rith | Poem by Meg Bateman |
Glainne-mhara | Poem by Marcas Mac an Tuairneir |
Nighean na Ruith | Poem by Meg Bateman |
Rèite | Poem by Deborah Moffatt |
Thumbs Up | Poem by Pàdraig Macaoidh |